Tha uamh bheag chearnach air cliathaich Uineabhal air a bheil Leacach an Taigh Cloiche. Chladhaich Sir Lindsay Scott e anns na tricheadan agus fhuair e ciste bheag mu leth meatair a dh’àird anns an robh cnamhan boireannach òg agus asnaichean neach nas òige a chaidh an tiodhlacadh roimhe sin. Thug Ian Armit an aire gun robh luatha fiodh-loisgte air a chòpadh air na cnàmhan ùine mhòr as deidh an tiodhlacadh, a’ sealltainn gu robh e air a chleachdadh airson adhbharan deas-ghnàthach. An luib na fhuair Scott de spealgan phiogachan bha bobhla cha mhòr slàn agus pìosan cupa. Bha a leithid seo cumanta ann an làraich Linn Nuadh na Cloiche air feadh tìr-mòr ag innse gun robh an uamh air a’ cleachdadh airson tiodhlacan ann an Linn an Umha.