‘S e eisimpleir eile de Chàrn fada a th’ ann am Barpa Charabhat, coagad meatair de dh’fhaid, far am faic thu doras leathainn, coltach ri adhaircean aig a cheann an Ear. Sgrìobh Beveridge gu robh e air a dhol bhuaithe aig a cheann seo bhon a bha daoine às a choimhearsnachd a’ tarraing às airson àirighean agus cuidheachan a thogail. Aig an àm feumaidh gur e comharra-stìuiridh chudromach a bha seo bhon a bha e cho àrd ri deich troighean aig a cheann an Iar.