‘S e eisimpleir inntinneach a th’ ann an Dùn an Sticir air mar a chaidh broch bho Linn an Iarain a’ chleachdadh mar dachaidh anns na Meadhainn Aoisean. Bha iad a’ togail nam broch airson iad fhèin a dhion bho mu 500 bliadhna RC, nuair a bha a ghnàth-shìde air atharrachadh. Bha i na b’ fhuaire agus bha an talamh mhòintich a’ gluasad a-nuas, a’ ciallachadh gun robh talamh àiteach a fàs na bu ghainne agus thug seo air na daoine gluasad bhon an talamh àrd.
‘S e togalach cruinn a bha anns a’ bhroch leis a bhalla a-muigh ag èirigh na thùr anns an robh ceathrad troigh de dh’ àird. Na bhroinn bha balla eile a deanamh aon sèomar. Mhothaich Beveridge gun robh lobhte ann an Dùn an Sticir sia troighean os cionn an ùrlair. Bha làrach dà bhothan ann far an robh iad a dion nam beathaichean. Chaidh an togalach cloiche ceart-chearnach, na bhroinn, le a dhoras agus uinneag, a’ thogail anns na Meadhain Aoisean leis a chlach a bha ri làimh.
Tha Eilean na Mi-Choimhairle ceanagailte ri Dùn an Sticir, na h-ainmean ag innse gur e àm borb gun sìth a bh’ ann.