Barpa nam Feannag

Chan eil Barpa nam Feannag cho furasta ruighinn no cho aithnichte ri Barpa Langais. Bha Beveridge ga choltachadh ri càrn fada de chlachan sgaipte a’ ruith bho Ear gu Iar. Thug e ‘n aire gu robh am barpa seo nas àirde ‘s nas leatha aig a cheann an ear, a’ sealltain gun robh sèomar ann uaireagainn air sàlaibh gun robh leac air an starsaich agus fuasgladh ceart-chearnach coltach ri doras air. Sgrìobh e cuideachd gun robh an talamh làn lagan beaga agus mi-chòmhnard. Tha cumadh agus meudachd nan lagan seo ag innse gur ann bho Linn Nuadh na Cloiche a bha an togalach bho thùs, ged nach eil gin dhan na leacan dìreach dhan gharradh-chrìch air fhàgail.

Click to enlarge

Click to enlarge

Click to enlarge

Click to enlarge