‘S e an càrn-tiodhlacaidh le sèomraichean as motha agus as fhèarr air an glèidheadh bho Linn Nuadh na Cloiche ann an Uibhist a Tuath a th’ ann am Barpa Langais. Tha e cho mòr ‘s gun robh Erskine Beveridge de ‘n bheachd gun robh àrd-uachdran ainmeal air a thiodhlacadh ann is gur e an dà chuid carragh-cuimhne agus uaigh a bh’ ann. Tha e air a shuidheachadh lethach suas Beinn Langais agus iongantach airson an obair a chuireadh ann le bhi giulainn leithid a chlachan mòra air astar, a bharrachd air an obair clachaireachd a chaidh do thogalach dhan chruth seo. Fhuair Beveridge criomagan loisgte air fhàgail bho thiodhlacan agus sgealban de phoitean bho Linn an Umha anns a’ chiad sèomar. Bha e de ‘n bheachd gu robh dà shèomar eile na b’ fhaide a-staigh ris an taobh an Ear. Tha e nis ro chunnartach a dhol na bhroinn leis gu bheil e a’ falbh às a chèile.
‘S e na tursaichean as fhollaisaiche bho Meadhan Linn na Cloiche ann an Uibhist a Tuath a th’ ann am Poball Fhinn. Tha iad air talamh còmhnard, àrd faisg air Barpa Langais a’ coimhead a-mach air a mhuir. Saoil dè an ceangal a tha eadar an dà àite? Tha iad air an cur suas ann an cruth uighe an àite cruth cruinne. Chan eil sinn cìnnteach fhathast carson a bha iad air an togail, an ann a leantainn na grèine a bha iad no na ràithean, a gheallach no na reultan? Saoil dè an t-adhbhar a bh’ aig na daoine na clachan seo a shnaith agus an tarraing gu àite cho àrd? Tha na tursaichean seo a’ sealltainn dhuinn cho innleachdach agus misneachail ‘s a bha na tuathanaich seo bho Linn Nuadh na Cloiche.